Tha fàilte chridheil a’ feitheamh ris an fheadhainn a tha a’ tighinn chun Na h-Eileanan an Iar airson a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail air an t-seachdain-sa tighinn, a rèir Ball Pàrlamaid nan Eilean, Aonghas Brìannan MacNèill.
Tha an 113mh Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ tòiseachadh Dihaoine le naoi latha de dh’ fharpais agus tachartasan iomaill, a’ glòrachadh cainnt agus dualchas na Gàidhlig.
Thuirt Mgr MacNèill, “Mar cridhe cànan is dualchas na Gàidhlig, tha e na thoileachadh gu bheil na h-Eileanan an Iar, a-rithist, nan làrach airson a’ Mhòid, agus bu mhath leam fàilte a chur air gach duine a shiubhalas do na h-eileanan airson a’ Mhòid.
“Tha fios agam cuideachd gu bheil an t-uabhas ullachaidh air a bhith ga dhèanamh airson a Mhòid. Mar sin tha mi buidheachadh gun tèid gu math le gach fairpaiseach, is gun còrd an t-àm riutha a dh’aindeoin an strì a bhios an cois farpais uaireannan.
“Cha b’urrainn do thachartas mar seo a dhol air adhart gun an t-uabhas de dh’obair, tòrr dheth saor thoileach. Tha an Comunn Gaidhealach agus an comataidh iondail rim moladh gu mòr airson na rinn iad gus a’ Mhòd a thoirt air ais dhan na h-Eileanan.
“Tha gu leòr tachartasan aig iomall a’ Mhòid a bharrachd air na farpaisean fhèin, agus tha fiosam gum bi muinntir nan Eilean, gu h-àraid ann an Leòdhas, taiceil ris. Taing airson sin, oir se na daoine agus cruinneachaidhean dhaoine na rudan a tha a’ deanamh a Mhòid sònraichte tlachdmhor.
“Fàilte air gach neach bho ceàrn sam bith dhan t-saoghail.”
*Tha Mgr MacNèill gu bhith a’ giùlain lòchran Dihaoine troimh Steòrnabhagh a’ comharrachadh fosgladh a Mhòid.
Airson tuilleadh fiosrachaidh http://www.ancomunn.co.uk/
Warm welcome to the Royal National Mod in the Western Isles
A warm Hebridean welcome awaits those arriving in Na h-Eileanan an Iar for the Royal National Mod over the next week, said Isles MP Angus MacNeil.
The 113th Royal National Mod gets underway this Friday with nine days of competition and fringe events in celebration of the Gaelic language and culture.
Mr MacNeil said: “As the heartland of the Gaelic language and culture, it is fantastic to once again see the Western Isles host the Mòd Nàiseanta Rìoghail and I would like to extend a very warm Hebridean welcome to all visitors.
“I do know the great effort competitors put into preparing for the Royal National Mod and I wish each and every one of you all the very best.
“No event could function successfully without an enormous amount of work behind the scenes. An Comunn Gàidhealach and the local organising committee are to be congratulated for the hard work and commitment they have shown in bringing the Mod to our islands.
“There is a varied Fringe programme in addition to the formal events throughout the week and I know the local community will also support the event with great enthusiasm.
“Fàilte air a h-uile duine.”
Mr MacNeil is to be a torchbearer in this Friday’s Procession through Stornoway to mark the opening of the Mod.
For more information visit http://www.ancomunn.co.uk/